Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 5:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’iad uile làithean Adhaimh a bha e beò naoi ceud agus deich-bliadhna-fichead: agus fhuair e bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Am fallas do ghnùise ithidh tu aran, gus an till thu a dh’ionnsaigh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach tillidh tu.

Agus b’iad uile làithean Enois naoi ceud agus còig bliadhna: agus fhuair e bàs.

Agus b’iad làithean Adhaimh, an dèidh dha Set a ghintinn, ochd ceud bliadhna: agus ghin e mic agus nigheanan:

Agus bha Set beò ceud agus còig bliadhna, agus ghin e Enos:

Agus b’iad uile làithean Shet naoi ceud agus dà‑bhliadhna-dheug: agus fhuair e bàs.

Oir bàsaichidh sinn gu deimhinn, agus tha sinn mar uisge a dhòirteadh air an talamh, agus nach cruinnichear a‑rìs: gidheadh chan àill le Dia beatha a thoirt air falbh, ach smaoinichidh e air meadhonan a‑chum nach fògair e a fhògarrach gu tur uaithe.

Oir tha fhios agam gun toir thu mi gu bàs, agus a‑chum an taighe a dh’òrdaicheadh do gach uile bheò.

Cò e an duine a tha beò agus nach faic am bàs, no a theasairgeas a anam fhèin o làimh na h‑uaighe?

Tha làithean ar bliadhnachan nan trì-fichead bliadhna agus a deich; agus le tuilleadh neirt ma bhios ceithir-fichead ann, is saothair agus doilgheas an spionnadh, oir gearrar as e gu grad agus siùbhlaidh sinn.

Mar an ceudna, nuair a bhios eagal orra ro nì àrd, agus a bhios uamhasan anns an t‑slighe, agus a bhios a’ chraobh-almoin fo bhlàth, agus a bhios an leumnach uaine na eallaich, agus a theirgeas miann; a chionn gu bheil an duine a’ triall da chòmhnaidh bhuan, agus gu bheil an luchd-cumhaidh a’ dol mun cuairt anns na sràidean;

An sin tillidh an duslach a‑chum na talmhainn mar a bha e; agus tillidh an spiorad a‑chum Dhè, a thug uaithe e.

Oir tha fhios aig na beòthan gum faigh iad bàs: ach chan eil fhios nì air bith aig na mairbh, cha mhò tha luigheachd aca nas mò; oir thèid an cuimhne air dhìochuimhn.

Biodh d’earradh anns gach àm geal; agus na biodh dìth ola-ungaidh air do cheann.

Feuch is leamsa na h‑uile anaman; mar as leam anam an athar, is amhlaidh is leam anam a’ mhic: an t‑anam a chiontaicheas gheibh e sin bàs.

A‑chum gun gràdhaich thu an Tighearna do Dhia, agus gun toir thu gèill da ghuth, agus gun lean thu ris; (oir is esan do bheatha, agus fad do làithean;) a‑chum gun gabh thu còmhnaidh anns an fhearann a mhionnaich an Tighearna dod athraichean, do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, gun tugadh e dhaibh.

Agus amhail a tha e air òrdachadh do dhaoine bàs fhaotainn aon uair, ach na dhèidh seo breitheanas:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan