Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 5:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’iad làithean Adhaimh, an dèidh dha Set a ghintinn, ochd ceud bliadhna: agus ghin e mic agus nigheanan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e: agus biodh uachdaranachd agaibh os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach nì beò a ghluaiseas air an talamh.

Agus bha Arphacsad beò còig-bliadhna-deug ar fhichead, agus ghin e Salah:

Agus bha Enos beò, an dèidh dha Càinan a ghintinn, ochd ceud agus còig-bliadhna-deug, agus ghin e mic agus nigheanan:

Agus bha Càinan beò, an dèidh dha Mahalalil a ghintinn, ochd ceud agus dà‑fhichead bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:

Agus bha Iàred beò, an dèidh dha Enoch a ghintinn, ochd ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:

Agus ghluais Enoch maille ri Dia, an dèidh dha Metùselah a ghintinn, trì cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:

Agus bha Metùselah beò, an dèidh dha Làmech a ghintinn, seachd ceud, ceithir-fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:

Agus bha Adhamh beò ceud agus deich-bliadhna-fichead, agus ghin e mac na choslas fhèin, a rèir a ìomhaigh fhèin; agus thug e Set mar ainm air:

Agus bha Làmech beò, an dèidh dha Nòah a ghintinn, còig cheud, ceithir-fichead agus còig-bliadhna-deug, agus ghin e mic agus nigheanan:

Agus b’iad uile làithean Adhaimh a bha e beò naoi ceud agus deich-bliadhna-fichead: agus fhuair e bàs.

Agus bha Set beò, an dèidh dha Enos a ghintinn, ochd ceud agus seachd bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:

Agus bheannaich Dia Nòah agus a mhic, agus thubhairt e riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh.

Agus bithibh-se sìolmhor, agus fàsaibh lìonmhor; ginibh air an talamh, agus fàsaibh lìonmhor ann.

Feuch, is iad clann oighreachd an Tighearna, toradh na bronn a dhuais.

A‑chum gum bi ar mic mar ùr‑chroinn a’ fàs suas nan òige, ar nigheanan mar chlachan-oisinn, snaidhte a rèir coslas lùchairt;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan