Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 5:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha Adhamh beò ceud agus deich-bliadhna-fichead, agus ghin e mac na choslas fhèin, a rèir a ìomhaigh fhèin; agus thug e Set mar ainm air:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus dh’aithnich Adhamh a‑rìs a bhean; agus rug i mac, agus thug i Set mar ainm air: Oir dh’òrdaich Dia, thubhairt i, dhòmhsa sliochd eile ann an àit Abeil, a mharbh Càin.

Fireannach agus boireannach chruthaich e iad; agus bheannaich e iad, agus thug e Adhamh mar ainm orra, anns an là anns an do chruthaicheadh iad.

Agus b’iad làithean Adhaimh, an dèidh dha Set a ghintinn, ochd ceud bliadhna: agus ghin e mic agus nigheanan:

Cò a bheir glan à neòghlan? Cha tabhair a h‑aon.

Cionnas, matà, a shaorar duine an làthair Dhè? Agus cionnas a bhios esan glan a rugadh o mhnaoi?

Feuch, ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am peacadh ghabh mo mhàthair mi na broinn.

Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth.

Mhic Chainain, mhic Arphacsaid, mhic Shem, mhic Noe, mhic Lameich,

An nì sin a tha air a bhreith on fheòil, is feòil e; agus an nì sin a tha air a bhreith on Spiorad, is spiorad e.

Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile.

Chan aon fheòil gach uile fheòil: ach tha feòil air leth aig daoine, agus feòil eile aig ainmhidhean, feòil eile aig iasg, agus feòil eile aig eunlaith.

Agus mar a ghiùlain sinn ìomhaigh an duine thalmhaidh, giùlanaidh sinn mar an ceudna ìomhaigh an duine nèamhaidh.

Am measg an robh againn uile mar an ceudna ar caitheamh-beatha roimhe seo, ann an ana-miannan ar feòla, a’ dèanamh toil na feòla, agus nan smuaintean; agus bha sinn a‑thaobh nàdair nar cloinn na feirge, eadhon mar chàch.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan