Agus thubhairt Iàcob ri Phàraoh, Is iad làithean bliadhnachan mo chuairte ceud agus deich-bliadhna-fichead: bu tearc agus olc làithean bliadhnachan mo bheatha, agus cha do ràinig iad làithean bliadhnachan beatha m’athraichean ann an làithean an cuairte-san.
A‑nis bha Barsillai na dhuine ro‑shean, ceithir-fichead bliadhna a dh’aois: agus thug esan lòn don rìgh nuair a dh’fhan e ann am Mahanaim; oir bu duine ro‑mhòr e.
Cha dèan iadsan togail, agus neach eile àiteachadh; cha dèan iadsan suidheachadh, agus neach eile ithe; oir mar làithean craoibhe bidh làithean mo shluaigh-sa; agus mealaidh mo mhuinntir thaghte rè ùine fhada obair an làmh fhèin.