Agus nuair a bha Abram ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug a dh’aois, dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; gluais thusa am fhianais, agus bi iomlan.
Agus thubhairt esan rium, Cuiridh an Tighearna, an làthair an do ghluais mise, a aingeal fhèin leat, agus soirbhichidh e do thuras; agus gabhaidh tu bean dom mhac om dhìlsean, agus o thaigh m’athar.
Agus bheannaich e Iòseph, agus thubhairt e, Gun dèanadh Dia, an làthair an do ghluais m’athraichean, Abrahàm agus Isaac, an Dia a bheathaich mi rè mo bheatha uile gus an là‑an‑diugh,
A‑chum gun daingnich an Tighearna a fhacal fhèin, a labhair e dom thaobh-sa, ag ràdh, Ma choimheadas do chlann an slighe, gu imeachd am fhianais-sa ann am fìrinn, len uile chridhe, agus len uile anam, cha bhi (ars esan) duine a dh’easbhaidh ort air rìgh-chathair Israeil.
Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.
An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, frasaidh mise dhuibh aran o nèamh, agus thèid an sluagh a‑mach, agus cruinnichidh iad cuibhreann gach là air an là sin fhèin, a‑chum is gun dearbh mi iad, co aca a ghluaiseas iad ann am lagh, no nach gluais.
Tarraing mi. Ad dhèidh ruithidh sinn. Da sheòmraichean threòraich an Rìgh mi. Nì sinn luathghaire agus bidh aoibhneas oirnn annadsa: cuiridh sinn an cuimhne do ghràdh nas mò na fìon: ghràdhaich na fìreanan thu.
Cò a tha glic, agus tuigidh esan na nithean seo? Crìonna, agus aithnichidh e iad? Oir tha slighean an Tighearna ceart, agus gluaisidh na fìreanan annta: ach gheibh na ciontaich tuisleadh annta.
Dh’fheuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math; agus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h‑iriosal maille rid Dhia?
Bha lagh na fìrinn na bheul, agus cha d’fhuaireadh aingidheachd na bhilean; ghluais e leamsa ann an sìth agus ann an ionracas, agus thill e mòran air falbh o euceart.
An sin bha fois aig na h‑eaglaisean tro Iudèa uile, agus Ghalile, agus Shamaria, agus air dhaibh a bhith air an togail suas, agus a’ siubhal ann an eagal an Tighearna, agus ann an comhfhurtachd an Spioraid Naoimh, mheudaicheadh gu mòr iad.
Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid.
Ach a rèir mar a roinn Dia ris gach duine, mar a ghairm an Tighearna gach aon, mar sin gluaiseadh e: agus mar sin tha mise ag òrdachadh anns na h‑eaglaisean uile.
Agus ciod a’ cho-rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa.
An dèidh an Tighearna ur Dia gluaisidh sibh, agus bidh a eagal-san oirbh, agus gleidhidh sibh a àitheantan, agus èisdidh sibh ra ghuth, agus nì sibh seirbhis dha, agus dlùth-leanaidh sibh ris.
Daingnichidh an Tighearna thu ad shluagh naomh dha fhèin, mar a mhionnaich e dhut, ma ghleidheas tu àitheantan an Tighearna do Dhia, agus ma ghluaiseas tu na shlighean.
Anns gach slighe a dh’àithn an Tighearna ur Dia dhuibh gluaisidh sibh, a‑chum gum bi sibh beò, agus gun èirich gu math dhuibh, agus gum buanaich sibh ur làithean anns an fhearann a shealbhaicheas sibh.
A‑chum gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh don Tighearna a‑chum gach uile thoileachaidh, a’ toirt toraidh uaibh anns an uile dheagh obair, agus a’ fàs ann an eòlas Dhè;
Os bàrr, matà, a bhràithrean, cuireamaid a dh’impidh agus a dh’athchuing oirbh tre an Tighearna Iosa, mar a fhuair sibh uainne cionnas as còir dhuibh imeachd, agus Dia a thoileachadh, gum meudaicheadh sibh mar sin nas mò agus nas mò.
Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.