Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 5:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Fireannach agus boireannach chruthaich e iad; agus bheannaich e iad, agus thug e Adhamh mar ainm orra, anns an là anns an do chruthaicheadh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus chruthaich Dia an duine na dhealbh fhèin, ann an dealbh Dhè chruthaich e e: fireannach agus boireannach chruthaich e iad.

Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e: agus biodh uachdaranachd agaibh os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach nì beò a ghluaiseas air an talamh.

Agus ghabh an Tighearna Dia an duine, agus chuir e e ann an gàrradh Edein, ga shaothrachadh agus ga ghleidheadh.

Agus thubhairt Adhamh, Seo a‑nis cnàimh dem chnàmhan, agus feòil dem fheòil-sa: goirear bean dhith, do bhrìgh gur ann as an duine a thugadh i.

Agus bha Adhamh beò ceud agus deich-bliadhna-fichead, agus ghin e mac na choslas fhèin, a rèir a ìomhaigh fhèin; agus thug e Set mar ainm air:

Agus nach do rinn e aon fheòil dhiubh? Agus tha fuidheall an spioraid aige. Agus ciod a tha esan ag iarraidh? Sliochd diadhaidh. Uime sin, biodh faiceall agaibh air ur spiorad, agus na buineadh neach air bith gu fealltach an aghaidh bean a òige.

Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Nach do leugh sibh, An tì a rinn air tùs iad, gun do rinn e iad fear agus bean?

Gidheadh o thoiseach na cruitheachd, rinn Dia iad fear agus bean.

Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite-còmhnaidh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan