Is iad seo ginealaichean nan nèamh agus na talmhainn nuair a chruthaicheadh iad, anns an là anns an do rinn an Tighearna Dia an talamh agus na nèamhan.
Cuimhnich a‑nis do Chruithear ann an làithean d’òige, mun tig na droch làithean, agus an druid na bliadhnachan riut, anns an abair thu, Chan eil tlachd agam annta:
Ach air bhith dhuinne uile, le aghaidh gun chòmhdach, ag amharc mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna, tha sinn air ar n‑atharrachadh a‑chum na h‑ìomhaigh cheudna, o ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna.
Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:
Os bàrr, bha againn athraichean a‑thaobh na feòla, a smachdaich sinn, agus thug sinn urram dhaibh: nach mò gu mòr is còir dhuinn a bhith umhail do Athair nan spiorad, agus a bhith beò?