Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 49:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is cuilean leòmhainn Iùdah; on chobhartaich, a mhic, chaidh thu suas; chrom e e fhèin sìos, chrùb e mar leòmhann, agus mar sheann leòmhann; cò a dhùisgeas suas e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus sheas dà‑leòmhann-dheug an sin air na sia ceuman, air an taobh seo agus air an taobh ud: cha do rinneadh a leithid ann an rìoghachd air bith eile.

Agus bha sia ceumannan aig an rìgh-chathair agus cas-stòl òir, air an tàthadh ris an rìgh-chathair, agus làmhan air gach taobh den àite-shuidhe, agus dà leòmhann a’ seasamh làimh ris na làmhan.

A‑nis, nuair a chunnaic i gun d’fhàs i lag, agus gun do chaill i a dòchas, an sin ghabh i aon eile de a cuileanan, agus rinn i leòmhann òg dheth.

Gu deimhinn bidh mise mar leòmhann do Ephraim, agus mar leòmhann òg do thaigh Iùdah: reubaidh mise, eadhon mise fhèin, agus imichidh mi romham; bheir mi leam, agus cha bhi aon neach ann a thèarnas.

Cha dealbh iad an dèanadas gu tilleadh a‑chum an Dè: oir tha spiorad strìopachais nam meadhon, agus air an Tighearna cha do ghabh iad eòlas.

Agus bidh fuidheall Iàcoib am measg nan cinneach, am meadhon mòran shlògh, mar leòmhann am measg beathaichean na frìthe, mar chuilean leòmhainn am measg nan treudan chaorach: e sin, ma thèid e roimhe, araon saltraidh sìos, agus reubaidh, agus cha tèarainn aon neach.

Feuch, èiridh an sluagh suas mar leòmhann mòr, agus mar leòmhann òg togaidh e suas e fhèin: cha laigh e sìos gus an ith e a’ chreach, agus gus an òl e fuil nam marbh.

Chrùb e, laigh e sìos mar leòmhann, agus mar leòmhann mòr: cò a dhùisgeas suas e? Is beannaichte gach neach a bheannaicheas thusa, agus is mallaichte gach neach a mhallaicheas thu.

An sin bidh a’ chrìoch dheireannach, nuair a bheir e suas an rìoghachd do Dhia, eadhon an t‑Athair; nuair a chuireas e as do gach uile uachdaranachd, agus gach uile ùghdarras, agus chumhachd.

Agus mu Ghad thubhairt e, Beannaichte gu robh esan a leudaicheas Gad: mar leòmhann tha e a’ gabhail còmhnaidh, agus reubaidh e an gàirdean maille ri mullach a’ chinn.

Agus thubhairt aon de na seanairean rium, Na guil: feuch, bhuadhaich an Leòmhann a tha de threubh Iùdah, Freumh Dhaibhidh, air an leabhar fhosgladh, agus a sheachd seulachan fhuasgladh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan