Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 49:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Neo-sheasmhach mar uisge, cha toir thu barrachd, do bhrìgh gun deachaidh tu suas do leabaidh d’athar; an sin thruaill thu i; chaidh e suas dom uirigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha Israel a chòmhnaidh anns an tìr sin, chaidh Reuben agus laigh e le Bilhah, coileabach a athar: agus chuala Israel sin. A‑nis bha dà‑mhac-dheug aig Iàcob:

Agus is iad seo ainmean chloinn Israeil, a thàinig don Eiphit, Iàcob agus a mhic: Reuben, ciad-ghin Iàcoib.

A‑nis b’iad mic Reubein, ciad-ghin Israeil (oir b’esan an ciad ghin; ach a chionn gun do thruaill e leabaidh a athar, thugadh a chòir-bhreith do mhic Iòseiph mhic Israeil: agus chan eil na ginealaichean gu bhith air an àireamh a rèir na còir-bhreithe;

Tha e air aithris gu coitcheann gu bheil neòghlaine nur measg, agus a leithid sin de neòghlaine, nach eil uiread is air ainmeachadh am measg nan Cinneach, gum biodh aig neach bean a athar.

Mallaichte gu robh esan a laigheas le mnaoi a athar, a chionn gu bheil e a’ leigeadh ris còmhdach a athar: agus their an sluagh uile, Amen.

Biodh Reuben beò, agus na faigheadh e bàs; agus biodh a dhaoine lìonmhor an àireamh.

Cha mhò a mhiannaicheas tu bean do choimhearsnaich, cha mhò a shanntaicheas tu taigh do choimhearsnaich, a fhearann, no a òglach, no a bhanoglach, no a dhamh, no a asal, no nì air bith as led choimhearsnach.

Aig a bheil an sùilean làn adhaltranais, agus do nach eil e an comas sgur de pheacadh; a’ mealladh anaman neo-shuidhichte; aig a bheil an cridhe air a chleachdadh ri gnìomharan sanntach; clann nam mallachd:

Eadhon mar na litrichean uile, a’ labhairt annta mu na nithean seo; anns a bheil cuid de nithean do‑thuigsinn, a tha an dream a tha neo-fhòghlaimte, agus neo-sheasmhach, a’ fiaradh, mar na sgriobtairean eile, a‑chum an sgrios fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan