Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 49:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A Reubein, is tu mo chiad-ghin, mo threise, agus toiseach mo neirt, òirdheirceas àrd-inbhe, agus òirdheirceas cumhachd:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhàs Lèah torrach, agus rug i mac, agus thug i Reuben mar ainm air: oir thubhairt i, Gu deimhinn dh’amhairc an Tighearna air m’àmhghar; a‑nis uime sin gràdhaichidh m’fhear mi.

Agus nuair a bha Israel a chòmhnaidh anns an tìr sin, chaidh Reuben agus laigh e le Bilhah, coileabach a athar: agus chuala Israel sin. A‑nis bha dà‑mhac-dheug aig Iàcob:

Mic Lèah: Reuben ciad-ghin Iàcoib, agus Simeon, agus Lèbhi, agus Iùdah, agus Isachar, agus Sebulun;

Agus is iad seo ainmean chloinn Israeil, a thàinig don Eiphit, Iàcob agus a mhic: Reuben, ciad-ghin Iàcoib.

Agus thubhairt Iòseph ra athair, Chan ann mar sin, athair: oir is e seo an ciad-ghin; cuir do làmh dheas air a cheann.

Is iad seo mic Israeil: Reuben, Simeon, Lèbhi, agus Iùdah, Isachar, agus Sebulun,

A‑nis b’iad mic Reubein, ciad-ghin Israeil (oir b’esan an ciad ghin; ach a chionn gun do thruaill e leabaidh a athar, thugadh a chòir-bhreith do mhic Iòseiph mhic Israeil: agus chan eil na ginealaichean gu bhith air an àireamh a rèir na còir-bhreithe;

Mic Reubein, ciad-ghin Israeil: Hanoch, agus Palu, Hesron, agus Carmi.

Agus bhuail e gach ciad-ghin nan tìr, toiseach an neirt uile.

Agus a bhuail e gach ciad-ghin anns an Eiphit, toiseach an neirt ann am pàilleanan Ham;

Agus làimh ri crìch Ephraim, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Reuben.

Agus bha clann Reubein, am mac a bu shine a bha aig Israel, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, a rèir an ceann, gach fireannach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh:

Reuben, am mac a bu shine aig Israel: clann Reubein: Hanoch, o a bheil teaghlach nan Hanochach: o Phalu, teaghlach nam Paluthach:

Ach gabhaidh e ri mac na mnà fuathaichte mar an ciad-ghin, le roinn dhùbailte a thoirt dha de gach nì a tha aige: oir is esan toiseach a neirt, is leis còir a’ chiad-ghin.

Agus seasaidh iad seo air sliabh Ebail a mhallachadh: Reuben, Gad, agus Aser, agus Sebulun, Dan, agus Naphtali.

Biodh Reuben beò, agus na faigheadh e bàs; agus biodh a dhaoine lìonmhor an àireamh.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann an Laodicèa, sgrìobh; Na nithean seo tha an Amen, an fhianais dhìleas agus fhìrinneach, toiseach cruthachadh Dhè, ag ràdh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan