Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 49:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cruinnichibh sibh fhèin an ceann a chèile, agus cluinnibh, a mhaca Iàcoib, agus èisdibh ri Israel ur n‑athair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

A Reubein, is tu mo chiad-ghin, mo threise, agus toiseach mo neirt, òirdheirceas àrd-inbhe, agus òirdheirceas cumhachd:

Thigibh, a chlann, agus èisdibh rium; teagaisgidh mi dhuibh eagal an Tighearna.

Cò e am fear a mhiannaicheas beatha, a ghràdhaicheas làithean a dh’fhaicinn maith?

Eisd rid athair a ghin thu, agus na dèan tàir air do mhàthair nuair a bhios i aosda.

A mhic, thoir dhòmhsa do chridhe, agus coimheadadh do shùilean mo shlighean.

A mhic, dom ghliocas thoir an aire; rim thuigse aom do chluas;

A mhic, coimhead àithne d’athar, agus na trèig reachd do mhàthar:

A mhic, glèidh mo bhriathran, agus taisg m’àitheantan maille riut.

A‑nis uime sin èisdibh rium, a chlann, agus thugaibh aire do bhriathran mo bheòil:

A‑nis uime sin, a chlann, èisdibh rium; oir is sona iadsan a ghleidheas mo shlighean.

Cruinnichibh sibh fhèin uile ri chèile, agus èisdibh; cò nam measg a dh’fhoillsich na nithean seo? Cuiridh esan as ionmhainn leis an Tighearna an gnìomh a thoil air Bàbilon, agus bidh a ghàirdean air na Caldèanaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan