Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 49:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairm Iàcob air a mhic, agus thubhairt e, Cruinnichibh sibh fhèin an ceann a chèile, a‑chum is gun innis mi dhuibh ciod a thàrlas dhuibh anns na làithean deireannach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Ag ràdh, Na beanaibh rim dhaoine ungte, agus air m’fhàidhean na dèanaibh cron.

Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal.

Tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan slèibhtean; agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na h‑uile chinnich da ionnsaigh.

Agus dh’fhoillsicheadh le Tighearna nan sluagh nam chluasan, Gu deimhinn cha ghlanar an aingidheachd seo air falbh uaibh, gus am faigh sibh bàs, deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh.

Feuch, tha na làithean a’ teachd anns am bi gach nì a tha ann ad thaigh, agus a thaisg d’athraichean suas gus an là‑an‑diugh, air a ghiùlan air falbh gu Bàbilon; chan fhàgar nì air bith, deir an Tighearna.

Cruinnichibh sibh fhèin uile ri chèile, agus èisdibh; cò nam measg a dh’fhoillsich na nithean seo? Cuiridh esan as ionmhainn leis an Tighearna an gnìomh a thoil air Bàbilon, agus bidh a ghàirdean air na Caldèanaich.

Cò a chreid ar teachdaireachd? Agus cò don robh gàirdean an Tighearna air fhoillseachadh?

Cha till corraich an Tighearna air a h‑ais gus an cuir e an gnìomh agus gus an coilean e rùn a chridhe: anns na làithean deireannach bheir sibh seo fa‑near le làn-aire.

Ann an treas bliadhna Chìruis rìgh Phersia, dh’fhoillsicheadh nì do Dhaniel (dom b’ainm Beltesasar), agus bha an nì fìor, agus mu thimcheall feachd mhòir; agus thuig e a’ chùis, agus bha e eòlach anns an t‑sealladh.

A‑nis tha mi air teachd a thoirt ort a thuigsinn ciod a thachras dod shluagh anns na làithean deireannach: oir tha an sealladh fhathast rè mòran làithean.

Fhreagair an rìgh Daniel, agus thubhairt e, Gu fìrinneach is e ur Dia-se Dia nan diathan, agus Tighearna nan rìghrean, agus fear-foillseachaidh nithean diamhair, air dhutsa a bhith comasach an diamhaireachd seo fhoillseachadh.

Gu deimhinn cha dèan an Tighearna Iehòbhah aon nì, gun a rùn-diamhair fhoillseachadh da sheirbhisich na fàidhean.

Ach tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan sliabh, agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na slòigh da ionnsaigh.

Agus a‑nis, feuch, tha mi a’ dol a dh’ionnsaigh mo dhaoine fhèin: thig uime sin, bheir mi rabhadh dhut, ciod a nì an sluagh seo air do shluagh-sa anns na làithean deireannach.

Agus dh’fhoillsicheadh dha leis an Spiorad Naomh nach faiceadh e bàs gus am faiceadh e Crìosd an Tighearna.

Agus tàrlaidh anns na làithean deireannach (arsa Dia), dòirtidh mise dem Spiorad air gach uile fheòil; agus nì ur mic agus ur nigheanan fàidheadaireachd, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean, agus bruadaraidh ur seann daoine bruadair:

Cruinnich an sluagh ri chèile, fir, agus mnathan, agus clann, agus do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun cluinn iad, agus gum fòghlaim iad, agus gum bi eagal an Tighearna ur Dia orra, agus gun toir iad fa‑near uile bhriathran an lagha seo a dhèanamh;

Nuair a bhios tu ann an àmhghar, agus a thig na nithean sin uile ort anns na làithean deireannach, ma thilleas tu a‑chum an Tighearna do Dhia, agus ma bhios tu umhail da ghuth:

A‑nis tha an Spiorad ag ràdh gu soilleir, anns na h‑aimsirean deireannach gun trèig dream àraidh an creideamh, a’ toirt aire do spioradan mealltach, agus do theagasgan dheamhan;

Ach biodh fhios seo agad, gun tig anns na làithean deireannach aimsirean cunnartach.

Labhair e anns na làithean deireannach seo rinne le a Mhac, a dh’òrdaich e na oighre air na h‑uile nithean, tre an do chruthaich e fòs na saoghail;

Fanadh gràdh bràthaireil agaibh.

An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, bha doras fosgailte air nèamh; agus bha an ciad ghuth a chuala mi, mar fhuaim trompaid a’ labhairt rium, ag ràdh, Thig a‑nìos an seo, agus nochdaidh mise dhut nithean as èiginn tachairt an dèidh seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan