Agus thubhairt Iòseph ra athair, Is iad mo mhic-sa iad, a thug Dia dhomh an seo. Agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh iad, guidheam ort, agus beannaichidh mi iad.
Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e na mnathan agus a’ chlann; agus thubhairt e, Cò iad sin a tha maille riut? Agus thubhairt esan, A’ chlann a thug Dia gu gràsmhor dod sheirbhiseach.
Is iad sin uile dà‑threubh-dheug Israeil: agus is e seo an nì a labhair an athair riu, agus bheannaich e iad; gach aon aca a rèir a bheannachaidh, bheannaich e iad.
B’iad sin uile mic Hemain, fear-seallaidh an rìgh, ann am briathran Dhè, a‑chum an adharc a thogail suas. Agus thug Dia do Heman ceithir-mic-dheug agus trì nigheanan.
Feuch, tha mise agus a’ chlann a thug an Tighearna dhomh nar comharraidhean agus nar n‑iongantasan ann an Israel, o Thighearna nan sluagh a tha na chòmhnaidh ann an sliabh Shioin.
Uime sin thàrladh, nuair a thàinig an t‑àm mun cuairt, an dèidh do Hanah fàs torrach, gun do rug i mac; agus thug i Samuel mar ainm air, ag ràdh, Do bhrìgh gun d’iarr mi e air an Tighearna.