Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 48:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh do shliochd, a ghineas tu nan dèidh, leat fhèin; a rèir ainm am bràithrean goirear iad nan seilbh fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

3 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis do dhithis mhac, Ephraim agus Manaseh, a rugadh dhut ann an tìr na h‑Eiphit, mun tàinig mise ad ionnsaigh don Eiphit, is leamsa iad: mar Reuben agus Shimeon, bidh iad leamsa.

Agus air mo shon-sa dheth, nuair a thàinig mi o Phadan, fhuair Rachel bàs agam ann an tìr Chanàain, air an t‑slighe, nuair nach robh fhathast ach astar goirid ri teachd gu Ephrat: agus dh’adhlaic mi an sin i air an t‑slighe gu Ephrat; is e sin Betlehem.

Oir bha clann Iòseiph nan dà threubh, Manaseh agus Ephraim: uime sin cha tug iad roinn sam bith do na Lèbhithich anns an fhearann, saor o bhailtean gu còmhnaidh a ghabhail annta, maille rim fearann co‑roinn dan sprèidh, agus dam maoin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan