Agus dh’innis neach do Iàcob, agus thubhairt e, Feuch, tha do mhac Iòseph a’ teachd ad ionnsaigh: agus neartaich Israel e fhèin, agus shuidh e air an leabaidh.
Agus dh’innis mi dhaibh a‑thaobh làmh mo Dhè, a bha math orm, agus mar an ceudna briathran an rìgh a labhair e rium. Agus thubhairt iad, Eireamaid agus togamaid. Agus neartaich iad an làmhan a‑chum maith.
Ach thoir àithne do Iosua, agus thoir misneach dha, agus neartaich e: oir thèid esan thairis ron t‑sluagh seo, agus bheir e orra am fearann sin a chì thusa a shealbhachadh mar oighreachd.