Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 48:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shìn Israel a‑mach a làmh dheas, agus chuir e i air ceann Ephraim, am mac a b’òige, agus a làmh chlì air ceann Mhanaseh: stiùir e a làmhan gu seòlta; oir b’e Manaseh an ciad-ghin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus thug Iòseph Manaseh mar ainm air a’ chiad-ghin; oir thug Dia orm, arsa esan, mo shaothair uile a dhìochuimhneachadh, agus taigh m’athar uile.

Agus air an dara mac thug e Ephraim mar ainm; oir thug Dia orm, arsa esan, a bhith sìolmhor ann an tìr m’àmhghair.

Agus rugadh do Iòseph ann an tìr na h‑Eiphit, Manaseh agus Ephraim, a rug Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, dha.

Agus ghabh Iòseph iad le chèile, Ephraim na làimh dheis o làimh chlì Israeil, agus Manaseh na làimh chlì o làimh dheis Israeil; agus thug e am fagas dha iad.

Agus nuair a chunnaic Iòseph gun do chuir a athair a làmh dheas air ceann Ephraim, cha do thaitinn e ris: agus chùm e suas làmh a athar, a‑chum a h‑atharrachadh o cheann Ephraim gu ceann Mhanaseh.

Agus thubhairt Iòseph ra athair, Chan ann mar sin, athair: oir is e seo an ciad-ghin; cuir do làmh dheas air a cheann.

Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh aig mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.

Dh’àrdaicheadh deaslàmh an Tighearna; rinn deaslàmh an Tighearna treubhantas!

Rinneadh do dheaslàmh, O Thighearna, glòrmhor ann an cumhachd; bhris do dheaslàmh, O Thighearna, an nàmhaid na bhloighdean.

Air taobh na h‑àird an iar bidh bratach camp Ephraim, a rèir an armailtean: agus bidh Elisama mac Amihuid na cheannard air mic Ephraim.

Agus bheir thu na Lèbhitich an làthair an Tighearna, agus cuiridh clann Israeil an làmhan air na Lèbhitich:

Agus ghabh mi na Lèbhitich an àit uile chiad-ghin chloinn Israeil.

Agus tha mise ag ràdh riut gur tusa Peadar, agus air a’ charraig seo togaidh mise m’eaglais: agus cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre.

An sin thugadh clann bheag da ionnsaigh, a‑chum gun cuireadh e a làmhan orra, agus gun dèanadh e ùrnaigh: agus chronaich na deisciobail iad.

Agus an dèidh dha a làmhan a chur orra, dh’imich e as a sin.

Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir is ionmhainn leo ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan, agus ann an coinneachadh nan sràid nan seasamh, a‑chum gum faicear le daoine iad. Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.

Agus chuir e a làmhan oirre; agus air ball rinneadh dìreach i, agus thug i glòir do Dhia.

Agus aig dol fodha na grèine, iadsan uile aig an robh daoine easlan le iomadh gnè thinnis, thug iad da ionnsaigh iad: agus chuir esan a làmhan air gach aon dhiubh, agus leighis e iad.

An sin air dhaibh trasgadh, agus ùrnaigh a dhèanamh, agus an làmhan a chur orra, leig iad uapa iad.

Chuir iad iadsan an làthair nan abstol: agus air dèanamh ùrnaigh dhaibh, chuir iad an làmhan orra.

Agus bha Iosua mac Nuin làn de spiorad a’ ghliocais; oir chuir Maois a làmhan air: agus dh’èisd clann Israeil ris, agus rinn iad mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Na dearmad an tìodhlac a tha annad, a thugadh dhut tre fhàidheadaireachd, maille ri leagadh làmhan na seanaireachd ort.

Na leag do làmhan gu h‑obann air duine sam bith, agus na biodh com-pàirt agad de pheacaidhean dhaoine eile: coimhead thu fhèin glan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan