Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 48:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Iòseph iad le chèile, Ephraim na làimh dheis o làimh chlì Israeil, agus Manaseh na làimh chlì o làimh dheis Israeil; agus thug e am fagas dha iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thug Iòseph Manaseh mar ainm air a’ chiad-ghin; oir thug Dia orm, arsa esan, mo shaothair uile a dhìochuimhneachadh, agus taigh m’athar uile.

Agus rugadh do Iòseph ann an tìr na h‑Eiphit, Manaseh agus Ephraim, a rug Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, dha.

Agus thug Iòseph a‑mach iad o eadar a ghlùinean, agus chrom e e fhèin le a aghaidh gu làr.

Agus shìn Israel a‑mach a làmh dheas, agus chuir e i air ceann Ephraim, am mac a b’òige, agus a làmh chlì air ceann Mhanaseh: stiùir e a làmhan gu seòlta; oir b’e Manaseh an ciad-ghin.

B’iad mic Iòseiph, a rèir an teaghlaichean, Manaseh agus Ephraim.

Agus cuiridh e na caoraich air a làimh dheis, ach na gobhair air a làimh chlì.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan