Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 48:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug Iòseph a‑mach iad o eadar a ghlùinean, agus chrom e e fhèin le a aghaidh gu làr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr.

Agus thàinig dà aingeal do Shòdom anns an fheasgar, agus bha Lot na shuidhe ann an geata Shòdoim: agus nuair a chunnaic Lot iad, dh’èirich e suas nan coinneamh; agus chrom e e fhèin air a aghaidh gu làr.

Agus dh’èirich Abrahàm suas, agus chrom e e fhèin do mhuinntir na tìre, eadhon do mhic Het.

Agus chaidh e fhèin air aghaidh romhpa, agus chrom e e fhèin gu làr seachd uairean, gus an tàinig e dlùth da bhràthair.

Agus bha Iòseph na uachdaran air an tìr: b’esan a bha a’ reic ri sluagh na tìre uile. Agus thàinig bràithrean Iòseiph, agus chrom iad iad fhèin sìos dha, len aghaidh gu làr.

Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Cha do shaoil mi gum faicinn do ghnùis, agus, feuch, nochd Dia dhomh mar an ceudna do shliochd.

Agus ghabh Iòseph iad le chèile, Ephraim na làimh dheis o làimh chlì Israeil, agus Manaseh na làimh chlì o làimh dheis Israeil; agus thug e am fagas dha iad.

Chaidh Batsèba uime sin a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, a labhairt ris airson Adoniah. Agus dh’èirich an rìgh suas na coinneamh, agus chrom e e fhèin dhi, agus shuidh e air a rìgh-chathair, agus thug e fa‑near cathair a chur sìos do mhàthair an rìgh; agus shuidh i air a làimh dheis.

Agus thàinig i agus thuit i aig a chasan, agus chrom i i fhèin sìos gu làr, agus thog i leatha a mac, agus chaidh i a‑mach.

Tabhair onair dod athair, agus dod mhàthair; a‑chum is gum bi do làithean buan air an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut.

Agus rinn Maois deifir, agus chrom e a cheann ri làr, agus rinn e adhradh.

Eiridh a clann, agus beannaichidh iad i; a fear, agus molaidh e i.

Biodh eagal ur màthar agus ur n‑athar air gach duine agaibh, agus gleidhibh mo shàbaidean: Is mise an Tighearna ur Dia.

An làthair a’ chinn lèith èiridh tu suas, agus bheir thu urram do ghnùis an duine aosda, agus bidh eagal do Dhè ort: Is mise an Tighearna.

A chlann, bithibh umhail dur pàrantan anns an Tighearna: oir tha seo ceart.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan