Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 48:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Cha do shaoil mi gum faicinn do ghnùis, agus, feuch, nochd Dia dhomh mar an ceudna do shliochd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus dh’aithnich e e, agus thubhairt e, Còta mo mhic; chuir droch bhèist as dha: tha Iòseph gun teagamh air a reubadh as a chèile.

Agus dh’èirich a mhic uile agus a nigheanan uile suas, a thoirt sòlais dha; ach dhiùlt esan sòlas a ghabhail; agus thubhairt e, Oir thèid mi sìos don uaigh a‑chum mo mhic ri bròn. Mar seo rinn a athair caoidh air a shon.

Agus thubhairt Iàcob an athair riu, Thug sibh uamsa mo chlann: Iòseph cha mhaireann, agus Simeon cha mhaireann, agus Beniàmin bheir sibh air falbh: am aghaidh-sa tha na nithean sin uile.

Agus dh’innis iad dha, ag ràdh, Tha Iòseph fhathast beò, agus tha e na uachdaran air tìr na h‑Eiphit uile. Agus dh’fhannaich cridhe Iàcoib, oir cha do chreid e iad.

Agus bha sùilean Israeil trom le aois, air chor is nach bu lèir dha gu math: agus thug e am fagas dha iad, agus phòg e iad, agus ghabh e na ghlacan iad.

Agus thug Iòseph a‑mach iad o eadar a ghlùinean, agus chrom e e fhèin le a aghaidh gu làr.

Seadh, chì thu clann do chloinne, agus sìth air Israel.

Is iad clann an cloinne coron sheann daoine; agus is iad an athraichean urram cloinne.

A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan