Agus bha sùilean Israeil trom le aois, air chor is nach bu lèir dha gu math: agus thug e am fagas dha iad, agus phòg e iad, agus ghabh e na ghlacan iad.
Agus nuair a bha Isaac air fàs sean, agus a bha a shùilean dall, air chor is nach faiceadh e, ghairm e air Esau a mhac a bu shine, agus thubhairt e ris, A mhic: agus thubhairt esan ris, Feuch, tha mi an seo.
Agus thàinig e am fagas, agus phòg e e: agus dh’fhairich e boladh a aodaich; agus bheannaich e e, agus thubhairt e, Feuch, tha fàile mo mhic mar fhàile fearainn a bheannaich an Tighearna:
Agus dh’èirich Làban suas moch anns a’ mhadainn, agus phòg e a mhic agus a nigheanan, agus bheannaich e iad, agus dh’fhalbh e: agus thill Làban ga àite fhèin.
Agus dh’fhàg esan na daimh, agus ruith e an dèidh Eliah, agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a phògadh, agus an sin leanaidh mi thu. Agus thubhairt esan ris, Falbh, till; oir ciod a rinn mise ort?
Anns an là anns an criothnaich luchd-gleidhidh an taighe, agus an crom na daoine làidir iad fhèin, agus an sguir an luchd-bleith, a chionn gu bheil iad tearc, agus an dorchaichear an dream a sheallas a‑mach air na h‑uinneagan;
Feuch, chan eil làmh an Tighearna air dol an giorrad, air chor is nach faod i tèarnadh; cha mhò a tha a chluas air fàs mall, air chor is nach faod i cluinntinn.
Dèan cridhe an t‑sluaigh seo reamhar, agus dèan an cluasan trom, agus druid an sùilean; mum faic iad len sùilean, agus mun cluinn iad len cluasan, agus mun tuig iad len cridheachan, agus gun iompaichear iad, agus gum bi iad air an slànachadh.