Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 48:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh nan nithean sin, dh’innis neach do Iòseph, Feuch, tha d’athair tinn: agus thug e leis a dhà mhac, Manaseh agus Ephraim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus rugadh do Iòseph ann an tìr na h‑Eiphit, Manaseh agus Ephraim, a rug Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, dha.

Agus dh’innis neach do Iàcob, agus thubhairt e, Feuch, tha do mhac Iòseph a’ teachd ad ionnsaigh: agus neartaich Israel e fhèin, agus shuidh e air an leabaidh.

Agus a‑nis do dhithis mhac, Ephraim agus Manaseh, a rugadh dhut ann an tìr na h‑Eiphit, mun tàinig mise ad ionnsaigh don Eiphit, is leamsa iad: mar Reuben agus Shimeon, bidh iad leamsa.

Agus chunnaic Iòseph clann Ephraim, den treas ginealach: thogadh suas mar an ceudna clann Mhachir mhic Mhanaseh air glùinean Iòseiph.

A‑nis bha Elisa tinn de a thinneas de an d’fhuair e bàs, agus thàinig Iòas rìgh Israeil a‑nuas da ionnsaigh, agus ghuil e os a chionn, agus thubhairt e, O athair, athair, carbad Israeil agus a mharc-shluagh!

Agus fhuair Elisa bàs, agus dh’adhlaic iad e: agus thàinig buidhnean nam Mòabach a‑steach don tìr aig teachd a‑steach na bliadhna.

Agus bha Iob beò na dhèidh seo ceud agus dà‑fhichead bliadhna; agus chunnaic e a mhic, agus mic a mhac, ceithir ginealaichean.

Seadh, chì thu clann do chloinne, agus sìth air Israel.

Uime sin chuir a pheathraichean fios da ionnsaigh, ag ràdh, A Thighearna, feuch, tha an tì as ionmhainn leat tinn.

Tre chreideamh bheannaich Iàcob, aig faghail bàis dha, dithis mhac Iòseiph; agus rinn e adhradh, a’ leigeadh a chudthrom air bàrr a bhata.

Oir bha clann Iòseiph nan dà threubh, Manaseh agus Ephraim: uime sin cha tug iad roinn sam bith do na Lèbhithich anns an fhearann, saor o bhailtean gu còmhnaidh a ghabhail annta, maille rim fearann co‑roinn dan sprèidh, agus dam maoin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan