Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 47:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iàcob ri Phàraoh, Is iad làithean bliadhnachan mo chuairte ceud agus deich-bliadhna-fichead: bu tearc agus olc làithean bliadhnachan mo bheatha, agus cha do ràinig iad làithean bliadhnachan beatha m’athraichean ann an làithean an cuairte-san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Agus bha Sem beò, an dèidh dha Arphacsad a ghintinn, còig ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.

Agus b’iad làithean Isaaic ceud bliadhna is ceithir-fichead.

Agus bha Iàcob beò ann an tìr na h‑Eiphit seachd-bliadhna-deug: agus b’iad bliadhnachan beatha Iàcoib uile ceud agus dà‑fhichead agus seachd bliadhna.

Agus thubhairt Phàraoh ri Iàcob, Ciod as aois dhut?

Agus b’iad uile làithean Mhetùselah naoi ceud agus trì-fichead agus naoi bliadhna: agus fhuair e bàs.

Agus fhuair Iòseph bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois: agus chuir iad spìosraidh air, agus chuireadh ann an ciste-mhairbh e anns an Eiphit.

Oir is coigrich sinne ad fhianais agus luchd-cuairt, mar ar n‑athraichean uile: mar fhaileas tha ar làithean air thalamh, agus chan eil buanas ann.

Tha an duine a rugadh o mhnaoi geàrr-shaoghalach, agus làn àmhghair.

Is coigreach air thalamh mi; na ceil orm d’àitheantan.

B’iad do reachdan mo cheòl ann an taigh mo chuairt.

Cluinn m’ùrnaigh, a Thighearna, agus èisd rim ghlaodh; rim dheòir na bi ad thosd; oir is coigreach mi maille riut, agus fear-cuairt, mar m’athraichean uile.

O caomhainn mi a‑chum gum faigh mi neart mun siubhail mi, agus nach bi mi ann nas mò!

Feuch, mar leud boise rinn thu mo làithean, agus tha m’aois mar neoni ad fhianais: gu deimhinn, is dìomhanas gach duine da fheabhas. Selah.

Agus mar an ceudna dhaingnich mi mo choicheangal riu, gun tugainn dhaibh tìr Chanàain, tìr an cuairte, anns an robh iad nan coigrich.

Agus bha Maois ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, agus Aaron ceithir-fichead agus trì bliadhna a dh’aois, nuair a labhair iad ri Phàraoh.

Uime sin tha sinn a‑ghnàth deagh-mhisneachail, air dhuinn fios a bhith againn am feadh a tha sinn aig an taigh anns a’ cholainn, gu bheil sinn air choigrich on Tighearna:

Agus bha Maois ceud agus fichead bliadhna a dh’aois nuair a fhuair e bàs: cha d’fhàilnich a shùil, cha mhò a thrèig a neart e.

Oir an seo chan eil againn baile a mhaireas, ach tha sinn ag iarraidh aoin a tha ri teachd.

Nuair nach eil fhios agaibh ciod a thàrlas air a’ mhàireach: oir ciod i ur beatha? Is deatach i a chìthear rè ùine bhig, agus an dèidh sin a thèid as an t‑sealladh.

Agus an dèidh nan nithean sin, fhuair Iosua mac Nuin, òglach an Tighearna, bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois.

A mhuinntir mo ghràidh, guidheam oirbh, mar choigrich agus luchd-cuairt, sibh a sheachnadh ana-miannan feòlmhor, a tha a’ cogadh an aghaidh an anama;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan