Genesis 47:6Am Bìoball Gàidhlig 1992Tha tìr na h‑Eiphit romhad; anns a’ chuid as fheàrr den fhearann thoir air d’athair agus do bhràithrean còmhnaidh a ghabhail; gabhadh iad còmhnaidh ann am fearann Ghòsein; agus mas aithne dhut gu bheil nam measg daoine comasach, nì thu iad nan àrd-bhuachaillean air mo sprèidh-sa. Faic an caibideil |
Thubhairt iad mar an ceudna ri Phàraoh, Is ann gu bhith air chuairt anns an tìr a thàinig sinn, oir chan eil feur aig do sheirbhisich dan sprèidh, do bhrìgh gu bheil a’ ghorta mòr ann an tìr Chanàain: a‑nis uime sin, guidheamaid ort, leig led sheirbhisich còmhnaidh a ghabhail ann an fearann Ghòsein.
Agus a‑nis feuch, tha mise gad fhuasgladh an‑diugh o na slabhraidhean a bha air do làmhan. Ma chì thu ceart teachd leamsa gu Bàbilon, thig; agus bheir mi aire mhath dhut: ach mura faic thu ceart teachd leamsa gu Bàbilon, fan: feuch, tha am fearann gu h‑iomlan fad chomhair: far am faicear ceart agus iomchaidh dhut dol, theirig ann; agus ciod air bith tuilleadh cha chumar air ais e.