Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 47:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thubhairt iad mar an ceudna ri Phàraoh, Is ann gu bhith air chuairt anns an tìr a thàinig sinn, oir chan eil feur aig do sheirbhisich dan sprèidh, do bhrìgh gu bheil a’ ghorta mòr ann an tìr Chanàain: a‑nis uime sin, guidheamaid ort, leig led sheirbhisich còmhnaidh a ghabhail ann an fearann Ghòsein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus bha gorta anns an tìr: agus chaidh Abram sìos don Eiphit, gu bhith air chuairt an sin; do bhrìgh gu robh a’ ghorta mòr anns an tìr.

Agus thubhairt e ri Abram, Biodh fhios gu cinnteach agad gum bi do shliochd nan coigrich ann an dùthaich nach leo fhèin, agus nì iad seirbhis dhaibh; agus buinidh iad gu cruaidh riu ceithir cheud bliadhna;

Agus bha a’ ghorta ro‑mhòr anns an tìr.

Agus gabhaidh tu còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, agus bidh tu am fagas dhòmhsa, thu fhèin agus do chlann, agus clann do chloinne, agus do threudan, agus do bhuar, agus gach nì a tha agad:

Gun abair sibhse, Bu luchd-sprèidhe do sheirbhisich o ar n‑òige eadhon gus a‑nis, sinn fhèin agus mar an ceudna ar n‑athraichean; a‑chum is gun gabh sibh còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, oir is gràinealachd do na h‑Eiphitich gach buachaille sprèidhe.

Agus labhair Phàraoh ri Iòseph, ag ràdh, Thàinig d’athair agus do bhràithrean ad ionnsaigh:

Agus thàinig Israel don Eiphit, agus bha Iàcob air chuairt ann an tìr Cham.

Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Chaidh mo shluagh sìos don Eiphit an toiseach, gu bhith air chuairt an sin; agus rinn an t‑Asirianach, mu dheireadh, an sàrachadh.

A‑nis thàinig gorta agus àmhghar mòr air an Eiphit uile, agus air talamh Chanàain; agus cha d’fhuair ar n‑athraichean teachd-an‑tìr.

Agus labhair Dia air an dòigh seo, gum biodh a shliochd air chuairt ann an dùthaich choigrich, agus gun dèanadh iad tràillean dhiubh, agus gum buineadh iad gu h‑olc riu rè ceithir cheud bliadhna.

Agus freagraidh tu agus their thu an làthair an Tighearna do Dhia, Bu Shirianach air sheòl a bhith caillte m’athair, agus chaidh e sìos don Eiphit, agus bha e air chuairt an sin le beagan cuideachd, agus dh’fhàs e an sin na chinneach mòr, cumhachdach, agus lìonmhor:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan