Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 47:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tàrlaidh, de na chinneas gun toir sibh an còigeamh cuid do Phàraoh, agus bidh agaibh fhèin ceithir earrannan, airson sìol an fhearainn, agus airson ur bìdh, agus airson muinntir ur teaghlaichean, agus airson bìdh dur cloinn bhig.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus beannaichte gu robh an Dia as ro‑àirde, a thug thairis do naimhdean dod làimh. Agus thug e dha deicheamh de gach nì.

Agus thubhairt rìgh Shòdoim ri Abram, Thoir dhòmhsa na daoine, agus gabh a’ mhaoin dhut fhèin.

Agus bidh a’ chlach seo, a chuir mi suas na carragh, na taigh aig Dia: agus de gach nì a bheir thu dhomh, bheir mi gu cinnteach an deicheamh dhut.

Dèanadh Phàraoh seo, agus òrdaicheadh e luchd-riaghlaidh os cionn na tìre, agus togadh iad an còigeamh cuid de thoradh tìr na h‑Eiphit anns na seachd bliadhna pailteis.

Agus thubhairt Iòseph ris an t‑sluagh, Feuch, cheannaich mi sibh an‑diugh, agus ur fearann do Phàraoh; feuch, seo sìol dhuibh, agus cuiribh am fearann.

Agus thubhairt iadsan, Ghlèidh thu beò sinn: faigheamaid deagh-ghean ann an sealladh mo thighearna, agus bidh sinn nar seirbhisich do Phàraoh.

Is math don duine a bhios truacanta agus coingheallach, a riaghlas a ghnothaichean gu ceart,

Is beannaichte esan a bheir an aire don duine bhochd; ann an là an uilc saoraidh an Tighearna e.

Agus uile dheicheamh an fhearainn, mas ann de shìol an fhearainn, no de mheas na craoibhe, is leis an Tighearna e; tha e naomh don Tighearna.

Agus a‑thaobh uile dheicheamh a’ chruidh, no an treuda, eadhon gach nì air bith a dh’imicheas fon t‑slait; bidh an deicheamh dheth naomh don Tighearna.

Agus, feuch, do chloinn Lèbhi thug mi an deicheamh uile ann an Israel mar oighreachd, airson an seirbhis a nì iad, eadhon seirbhis pàillean a’ choitheanail.

Bheir thu seachad gu ceart deicheamh uile chinneas do shìl, a bheir am fearann uaithe o bhliadhna gu bliadhna.

Nuair a chuireas tu crìoch air deicheamh a thoirt seachad, eadhon uile dheicheamh do chinneis air an treas bliadhna, bliadhna an deichimh, agus a bheir thu e don Lèbhitheach, don choigreach, don dìlleachdan, agus don bhantraich, a‑chum gun ith iad an taobh a‑staigh ded gheatachan agus gun sàsaichear iad;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan