Agus thubhairt Iòseph ris an t‑sluagh, Feuch, cheannaich mi sibh an‑diugh, agus ur fearann do Phàraoh; feuch, seo sìol dhuibh, agus cuiribh am fearann.
Agus na seachd bà caola agus grànda a thàinig a‑nìos nan dèidh, is seachd bliadhna iad; agus na seachd diasan fàs, seargte leis a’ ghaoith an ear, bidh iad nan seachd bliadhna gorta.
A‑mhàin fearann nan sagart cha do cheannaich e; oir dh’òrdaicheadh cuibhreann do na sagartan le Phàraoh, agus dh’ith iad an cuibhreann a thug Phàraoh dhaibh: uime sin cha do reic iad am fearann.
Agus tàrlaidh, de na chinneas gun toir sibh an còigeamh cuid do Phàraoh, agus bidh agaibh fhèin ceithir earrannan, airson sìol an fhearainn, agus airson ur bìdh, agus airson muinntir ur teaghlaichean, agus airson bìdh dur cloinn bhig.
Anns a’ mhadainn cuir do shìol, agus anns an fheasgar na toir air do làmh sgur; oir chan eil fhios agad cia dhiubh as fheàrr a shoirbhicheas, seo no siud, no am bi iad le chèile cho math.
Oir mar a thig an t‑uisge a‑nuas, agus an sneachd o nèamh, agus nach till e an sin, ach gun uisgich e an talamh, agus gun toir e air fàs torrach, agus toradh a thabhairt uaithe, a‑chum gun tabhair e sìol dhàsan a chuireas, agus aran dhàsan a dh’itheas;
A‑nis an tì a bheir sìol don fhear-chuir, agus aran a‑chum bìdh, gun tugadh e agus gum meudaicheadh e ur curachd-se, agus gun tugadh e do thoradh ur fìreantachd fàs.)