Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 47:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑mhàin fearann nan sagart cha do cheannaich e; oir dh’òrdaicheadh cuibhreann do na sagartan le Phàraoh, agus dh’ith iad an cuibhreann a thug Phàraoh dhaibh: uime sin cha do reic iad am fearann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thug Melchisedec rìgh Shàleim a‑mach aran agus fìon: agus b’esan sagart an Dè as ro‑àirde.

Agus thug Phàraoh Saphnat-paaneah mar ainm air Iòseph; agus thug e dha Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, mar mhnaoi: agus chaidh Iòseph a‑mach air feadh uile thìr na h‑Eiphit.

Agus do Iòseph rugadh dithis mhac mun tàinig bliadhnachan na gorta, a rug Asenat dha, nighean Photipherah, sagart Oin.

Agus a‑thaobh an t‑sluaigh, chuir e air imrich iad do bhailtean o aon cheann crìochan na h‑Eiphit eadhon gu ruig an ceann eile dhith.

Agus thubhairt Iòseph ris an t‑sluagh, Feuch, cheannaich mi sibh an‑diugh, agus ur fearann do Phàraoh; feuch, seo sìol dhuibh, agus cuiribh am fearann.

Agus rinn Iòseph sin na lagh gus an là‑an‑diugh air feadh fearann na h‑Eiphit, gum biodh aig Phàraoh an còigeamh cuid, saor a‑mhàin o fhearann nan sagart, nach bu le Phàraoh.

Agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach agus nam Peleteach: agus bha mic Dhaibhidh nan àrd uachdarain.

Mar an ceudna tha sinn a’ toirt fios dhuibh a‑thaobh nan sagart uile agus nan Lèbhitheach, an luchd-seinn, nan dorsairean, nan Netineach, no seirbhisich taigh seo Dhè, nach faodar cìs, càin, no cuspann a chur orra.

Agus dh’aithnich mi nach tugadh seachad cuibhreannan nan Lèbhitheach; oir theich na Lèbhithich agus an luchd-seinn a rinn an obair, gach duine a dh’ionnsaigh a fhearainn fhèin.

No màla a‑chum ur turais, no dà chòta, no brògan, no bataichean: (oir is airidh am fear-obrach air a lòn).

Nach eil fhios agaibh gu bheil iadsan a tha a’ saothrachadh mu thimcheall nithean naomha air am beathachadh on teampall? Agus iadsan a tha a’ frithealadh don altair, gu bheil co‑roinn aca ris an altair?

Co‑roinneadh an neach a tha air a theagasg anns an fhacal ris an neach a tha ga theagasg, anns na h‑uile nithean matha.

Thoir an aire dhut fhèin, nach trèig thu an Lèbhitheach am feadh as beò thu air d’fhearann.

Oir nuair a bha sinn maille ribh, thug sinn an àithne seo dhuibh, mura àill le neach obair a dhèanamh, gun e dh’ithe bìdh.

Measar gur airidh na seanairean a riaghlas gu math air urram dùbailte, gu h‑àraidh iadsan a tha a’ saothrachadh anns an fhacal agus ann an teagasg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan