Agus chruinnich e ri chèile uile bhiadh nan seachd bliadhna, a bha ann an tìr na h‑Eiphit; agus thaisg e suas biadh anns na bailtean: biadh fearann gach baile, a bha mun cuairt air, thaisg e suas ann.
Agus cheannaich Iòseph fearann na h‑Eiphit uile do Phàraoh; oir reic na h‑Eiphitich gach duine a fhearann fhèin, a chionn gun do bhuadhaich a’ ghorta orra: mar sin bu le Phàraoh an talamh.
A‑mhàin fearann nan sagart cha do cheannaich e; oir dh’òrdaicheadh cuibhreann do na sagartan le Phàraoh, agus dh’ith iad an cuibhreann a thug Phàraoh dhaibh: uime sin cha do reic iad am fearann.