Agus nuair a theirig airgead ann an tìr na h‑Eiphit agus ann an tìr Chanàain, thàinig na h‑Eiphitich uile gu Iòseph, ag ràdh, Thoir dhuinn aran: carson a gheibheamaid bàs ad làthair? Oir theirig ar n‑airgead.
Agus thug iad an sprèidh gu Iòseph; agus thug Iòseph dhaibh aran airson nan each, agus airson nan caorach, agus airson a’ chruidh, agus airson nan asal; agus bheathaich e iad le aran, airson an sprèidhe uile, air a’ bhliadhna sin.
Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion-ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.