Agus bidh am biadh sin na thaisgeach don tìr, fa chomhair nan seachd bliadhna gorta a bhios ann an tìr na h‑Eiphit; a‑chum is nach tèid as don tìr leis a’ ghorta.
Agus thubhairt Ahab ri Obadiah, Imich don tìr, a dh’ionnsaigh nan tobar uisge uile, agus a dh’ionnsaigh nan sruth uile, a dh’fheuchainn am faigh sinn feur a‑chum is gun glèidh sinn ar n‑eich agus ar muileidean beò, agus nach caill sinn an sprèidh uile.
Cò e an duine glic, a thuigeas seo, agus ris an do labhair beul an Tighearna, a‑chum gun cuireadh e an cèill e? Carson a tha an tìr air a milleadh, air a losgadh suas mar fhàsach, nach eil aon neach ag imeachd troimhpe?
Is fheàrr dhaibhsan a mharbhar leis a’ chlaidheamh na dhaibhsan a mharbhar le gort; oir tha iad sin a’ seargadh as, air an lotadh a dh’uireasbhaidh toradh na machrach.