Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 47:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheathaich Iòseph a athair agus a bhràithrean agus uile theaghlach a athar le aran, a rèir an cloinne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus gabhaidh tu còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, agus bidh tu am fagas dhòmhsa, thu fhèin agus do chlann, agus clann do chloinne, agus do threudan, agus do bhuar, agus gach nì a tha agad:

Agus beathaichidh mise thu an sin (oir fhathast bidh còig bliadhna gorta ann), air eagal gun tig thu fhèin agus do theaghlach, agus gach nì a tha agad, gu bochdainn.

Agus chuir Dia mise romhaibh, a ghleidheadh dhuibhse iarmaid air thalamh, agus a thèarnadh ur beatha le fuasgladh mòr.

An sin thàinig Iòseph agus dh’innis e do Phàraoh, agus thubhairt e, Thàinig m’athair agus mo bhràithrean, agus an treudan, agus am feudail, agus gach nì a bha aca, a‑mach à tìr Chanàain; agus, feuch, tha iad ann am fearann Ghòsein.

Agus a‑thaobh an t‑sluaigh, chuir e air imrich iad do bhailtean o aon cheann crìochan na h‑Eiphit eadhon gu ruig an ceann eile dhith.

Agus tàrlaidh, de na chinneas gun toir sibh an còigeamh cuid do Phàraoh, agus bidh agaibh fhèin ceithir earrannan, airson sìol an fhearainn, agus airson ur bìdh, agus airson muinntir ur teaghlaichean, agus airson bìdh dur cloinn bhig.

A‑nis uime sin na biodh eagal oirbh: altramaidh mise sibh, agus ur clann bheag. Agus thug e comhfhurtachd dhaibh, agus labhair e gu coibhneil riu.

Tabhair onair dod athair, agus dod mhàthair; a‑chum is gum bi do làithean buan air an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut.

Agus crochaidh iad airsan uile ghlòir taigh a athar, an sliochd agus an gineal, gach soitheach beag, o gach uile ghnè chuach gus gach uile ghnè aghann.

Ach bha sinn caomh nur measg, amhail a dh’altramas banaltram a clann fhèin:

Oir tha an cleachdadh corporra tairbheach a‑chum beag nithean; ach tha an diadhachd tairbheach a‑chum nan uile nithean, aig a bheil gealladh na beatha a tha an làthair, agus a‑chum teachd.

Ach ma tha bantrach air bith aig a bheil clann, no oghachan, fòghlamadh iad air tùs a bhith dleasdanach nan taighean fhèin, agus ath-dhìol a thoirt dam pàrantan: oir tha seo math agus taitneach ann am fianais Dhè.

Ach mura dèan duine solar airson a chuideachd fhèin, agus gu h‑àraidh airson muinntir a theaghlaich, dh’àich e an creideamh, agus is miosa e na ana-creidmheach.

Agus bidh e dhut na fhear ath-nuadhachadh do bheatha, agus na fhear-altraim do sheann aois, oir is i do bhan-chliamhainn, aig a bheil gràdh dhut, as fheàrr dhut na seachd mic, a rug e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan