Dèanaibh cabhag, agus rachaibh suas a‑chum m’athar, agus abraibh ris, Mar seo thubhairt do mhac Iòseph, Rinn Dia mise am uachdaran air an Eiphit uile; thig a‑nuas am ionnsaigh, na dèan moille:
Agus gabhaidh tu còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, agus bidh tu am fagas dhòmhsa, thu fhèin agus do chlann, agus clann do chloinne, agus do threudan, agus do bhuar, agus gach nì a tha agad:
Agus innsidh sibh dom athair mo ghlòir-sa uile anns an Eiphit, agus gach nì a chunnaic sibh; agus nì sibh cabhag, agus bheir sibh a‑nuas m’athair an seo.