Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 45:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin, cha sibhse a chuir mise an seo, ach Dia; agus rinn e mi am athair do Phàraoh, agus am thighearna os cionn a thaighe uile, agus am uachdaran ann an tìr na h‑Eiphit uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus dh’innis iad dha, ag ràdh, Tha Iòseph fhathast beò, agus tha e na uachdaran air tìr na h‑Eiphit uile. Agus dh’fhannaich cridhe Iàcoib, oir cha do chreid e iad.

Agus a‑nis na biodh doilgheas oirbh, no corraich agaibh ribh fhèin, a chionn gun do reic sibh mise an seo; oir chuir Dia romhaibh mi, gu sibhse a ghleidheadh beò:

Bha mi am athair do na bochdan; agus a’ chùis nach b’aithne dhomh rannsaich mi a‑mach.

Agus sgeadaichidh mi e led fhallaing-sa, agus led chrios neartaichidh mi e; agus d’uachdaranachd bheir mi thairis na làimh; agus bidh e na athair do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus do thaigh Iùdah.

Cha sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich mi sibh, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm-sa, gun toir e dhuibh e.

Fhreagair Iosa, Cha bhiodh cumhachd air bith agad am aghaidh-sa, mura tugte dhut on àirde e; air an adhbhar sin an tì a thug mise thairis dhut, tha aigesan am peacadh as mò.

Uime sin chan ann on tì leis an àill, no on tì a ruitheas, ach o Dhia a nì tròcair.

Oir theagamh gur ann air a shon seo a dh’fhàg e thu rè tamaill, a‑chum gum faigheadh tu e gu sìorraidh;

Agus thubhairt Micah ris, Fan maille riumsa, agus bi dhòmhsa ad athair agus ad shagart, agus bheir mi dhut deich secel airgid anns a’ bhliadhna, agus culaidh aodaich, agus do bhiadh. Agus chaidh an Lèbhitheach a‑steach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan