Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 45:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Dia mise romhaibh, a ghleidheadh dhuibhse iarmaid air thalamh, agus a thèarnadh ur beatha le fuasgladh mòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis na biodh doilgheas oirbh, no corraich agaibh ribh fhèin, a chionn gun do reic sibh mise an seo; oir chuir Dia romhaibh mi, gu sibhse a ghleidheadh beò:

Agus bheathaich Iòseph a athair agus a bhràithrean agus uile theaghlach a athar le aran, a rèir an cloinne.

Agus dur taobh-se, shònraich sibh olc am aghaidh; ach shònraich Dia sin a‑chum maith, a‑chum, mar air an là‑an‑diugh, gun tèarnadh e mòr-shluagh beò.

Agus shuidhich iadsan iad fhèin am meadhon na dalach sin, agus dhìon iad i, agus mharbh iad na Philistich: agus shaor an Tighearna iad le saorsa mhòir.

Bheir esan saorsa mhòr da rìgh, agus nochdaidh e tròcair da aon ungte fhèin, do Dhaibhidh agus da shliochd gu bràth.

Is tu fhèin mo Rìgh, a Dhè; àithn thusa saorsa do Iàcob.

Am Maois seo fhèin a dhiùlt iadsan, ag ràdh, Cò a rinn uachdaran agus britheamh dhìotsa? Esan chuir Dia gu bhith na uachdaran agus na fhear-saoraidh le làimh an aingil a dh’fhoillsicheadh dha anns a’ phreas.

Agus bha tart mòr air, agus ghairm e air an Tighearna, agus thubhairt e, Thug thu an t‑saorsa mhòr seo do làimh do sheirbhisich: agus a‑nis am faigh mi bàs le tart, agus an tuit mi ann an làimh nan neo-thimcheall-gheàrrte?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan