Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Thigibh am fagas dhomh, guidheam oirbh. Agus thàinig iad am fagas. Agus thubhairt esan, Is mise Iòseph ur bràthair, a reic sibhse don Eiphit.
An sin chaidh Midianaich seachad, ceannaichean; agus tharraing iad agus thog iad suas Iòseph as an t‑sloc, agus reic iad Iòseph ris na h‑Ismaelich air fichead bonn airgid. Agus thug iadsan Iòseph don Eiphit.
Agus thubhairt esan, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt an Tighearna, Is mise Iosa a tha thusa a’ geur-leanmhainn: is cruaidh dhutsa breabadh an aghaidh nan dealg.