Agus dh’innis iad dha uile bhriathran Iòseiph, a labhair e riu: agus nuair a chunnaic e na carbadan a chuir Iòseph ga ghiùlan, dh’ath-bheothaich spiorad Iàcoib, an athair.
Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.
A‑nis thugadh àithne dhut; dèanaibh-se mar seo: thugaibh leibh à tìr na h‑Eiphit carbadan airson ur cloinne bige, agus ur ban, agus thugaibh ur n‑athair leibh, agus thigibh.
Agus thug iad dha mìr de mheall fhìgean, agus dà bhagaid de fhìon-dhearcan tiormaichte; agus nuair a dh’ith e thàinig a spiorad a‑rìs da ionnsaigh: oir cha d’ith e aran agus cha d’òl e uisge rè trì làithean agus trì oidhchean.
Agus sgoilt Dia lag a bha ann an Lehi, agus thàinig uisge as; agus dh’òl e, agus thàinig a spiorad a‑rìs, agus dh’ath-bheothaicheadh e: uime sin thug e En‑hacore mar ainm air, a tha ann an Lehi gu ruig an là‑an‑diugh.