Agus chuir e a dh’ionnsaigh a athar mar seo; deich asail a’ giùlan de nithean matha na h‑Eiphit, agus deich asail bhoireann a’ giùlan sìl agus arain agus lòin dan athair airson na slighe.
Agus ghabh an seirbhiseach deich càmhail de chàmhail a mhaighistir, agus dh’fhalbh e; oir bha maoin a mhaighistir uile aige fo a làimh: agus dh’èirich e, agus chaidh e gu Mesopotamia, gu baile Nahoir.
Agus thubhairt Israel an athair riu, Ma dh’fheumas a’ chùis a bhith mar sin a‑nis, dèanaibh seo; gabhaibh den toradh as fheàrr anns an tìr nur soithichean, agus thugaibh sìos tìodhlac don duine; beagan ìocshlaint, agus beagan meala, spìosraidh, agus mirr, cnothan, agus almoinean:
Agus thubhairt clann Israeil riu, B’fheàrr gum faigheamaid bàs le làimh an Tighearna ann an tìr na h‑Eiphit, nuair a bha sinn nar suidhe làimh ris na poitean feòla, agus nuair a dh’ith sinn aran gu ar sàth; oir thug sibh a‑mach sinn don fhàsach seo, a mharbhadh a’ choitheanail seo uile le acras.