A‑nis thugadh àithne dhut; dèanaibh-se mar seo: thugaibh leibh à tìr na h‑Eiphit carbadan airson ur cloinne bige, agus ur ban, agus thugaibh ur n‑athair leibh, agus thigibh.
Agus dh’innis iad dha uile bhriathran Iòseiph, a labhair e riu: agus nuair a chunnaic e na carbadan a chuir Iòseph ga ghiùlan, dh’ath-bheothaich spiorad Iàcoib, an athair.
Agus dh’èirich Iàcob suas o Bheer-sèba: agus thug mic Israeil leo Iàcob an athair, agus an clann bheag, agus am mnathan, anns na carbadan a chuir Phàraoh ga ghiùlan.
Agus dheasaicheadh uile sheirbhis an Tighearna air an là sin fhèin a‑chum a’ chàisg a chumail, agus ìobairtean-loisgte ìobradh air altair an Tighearna, a rèir àithne an rìgh Iosiah.
A dhlighe fhèin air gach là, agus ìobradh a rèir àithne Mhaois, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air na fèillean sònraichte, trì uairean anns a’ bhliadhna, air fèill an arain neo-ghortaichte, agus air fèill nan seachdain, agus air fèill nam pàillean.
Agus dh’imich coitheanal chloinn Israeil uile o fhàsach Shin a rèir an turasan, mar a dh’àithn an Tighearna, agus champaich iad ann an Rephidim; agus cha robh uisge ann don t‑sluagh ri òl.
Is ceart an Tighearna, oir chathaich mise an aghaidh a àitheantan; èisdibh, guidheam oirbh, a shlòigh gu lèir, agus faicibh mo bhròn: m’òighean agus m’òganaich dh’fhalbh ann am braighdeanas.
Agus thig iad ann ad aghaidh le carbadan, le cobhanan, agus le rothan, agus le coitheanal sluaigh, a chuireas ann ad aghaidh targaid, agus sgiath, agus clogad, air gach aon taobh: agus cuiridh mise breitheanas fan comhair, agus bheir iad breith ort a rèir am breitheanais.