Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 45:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghuil e gu h‑àrd: agus chuala na h‑Eiphitich agus an rìgh Phàraoh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thionndaidh e e fhèin uapa, agus ghuil e; agus thill e a‑rìs dan ionnsaigh, agus labhair e riu, agus thug e Simeon uapa, agus cheangail e e fa chomhair an sùl.

Agus rinn Iòseph cabhag, oir bha a chridhe a’ tiomachadh ra bhràthair; agus dh’iarr e àit anns an guileadh e; agus chaidh e a‑steach da sheòmar, agus ghuil e an sin.

Agus thuit e air muineal a bhràthar Beniàmin, agus ghuil e; agus ghuil Beniàmin air a mhuineal-san.

Phòg e, mar an ceudna, a bhràithrean uile, agus ghuil e os an cionn: agus na dhèidh sin rinn a bhràithrean cainnt ris.

Agus bheartaich Iòseph a charbad, agus chaidh e suas an coinneamh Israeil, a athair, gu Gòsen; agus nochd e e fhèin dha, agus thuit e air a mhuineal, agus ghuil e air a mhuineal rè tamaill.

Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.

Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad-ghin.

Agus thog an co‑chruinneachadh uile suas an guth, agus ghlaodh iad; agus ghuil an sluagh air an oidhche sin.

Agus ghuil iad uile gu goirt, agus thuit iad air muineal Phòil, agus phòg iad e,

Gun tugadh an Tighearna dhuibh gum faigh sibh fois, gach aon dhibh ann an taigh a fir. An sin phòg i iad: agus thog iad suas an guth, agus ghuil iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan