Agus thugaibh leibh ur n‑athair, agus ur teaghlaichean, agus thigibh am ionnsaigh-sa, agus bheir mise dhuibh math tìr na h‑Eiphit; ithidh sibh reamhrachd na tìre.
Gun abair sibhse, Bu luchd-sprèidhe do sheirbhisich o ar n‑òige eadhon gus a‑nis, sinn fhèin agus mar an ceudna ar n‑athraichean; a‑chum is gun gabh sibh còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, oir is gràinealachd do na h‑Eiphitich gach buachaille sprèidhe.
Tha tìr na h‑Eiphit romhad; anns a’ chuid as fheàrr den fhearann thoir air d’athair agus do bhràithrean còmhnaidh a ghabhail; gabhadh iad còmhnaidh ann am fearann Ghòsein; agus mas aithne dhut gu bheil nam measg daoine comasach, nì thu iad nan àrd-bhuachaillean air mo sprèidh-sa.
Is an‑aoibhinn do chrùn uaibhreach misgearan Ephraim, agus do bhlàth seargach am maise glòrmhoir; dhaibhsan a tha air ceann a’ ghlinn bheartaich, a tha air an leagadh sìos le fìon.
Agus bidh blàth seargach am maise glòrmhoir, a tha air ceann a’ ghlinn bheartaich, mar am meas luath ron t‑samhradh, a chì an neach a dh’amhairceas air, agus cha luaithe bhios e na làimh na dh’itheas e suas e.
A’ chuid as fheàrr uile den ola, agus a’ chuid as fheàrr uile den fhìon, agus den chruithneachd, an ciad-thoradh leòsan a bheir iad seachad don Tighearna, iad sin thug mi dhut.
As ur n‑uile thìodhlacan, bheir sibh seachad uile thabhartas-togte an Tighearna den chuid as fheàrr dheth uile, eadhon a’ chuid sin dheth a tha coisrigte.
Im cruidh, agus bainne chaorach, maille ri saill uan agus reitheachan de shìol Bhasain, agus ghobhar, maille ri reamhrachd àirnean a’ chruithneachd; agus dh’òl thu fuil fhìorghlan nam fìondhearc.