Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 45:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chualas iomradh seo ann an taigh Phàraoh, ag ràdh, Tha bràithrean Iòseiph air teachd: agus thaitinn e gu math ri Phàraoh agus ra sheirbhisich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Ach thubhairt Abram ri Sàrai, Feuch, tha do bhanoglach ad làimh fhèin; dèan rithe mar as àill leat. Agus nuair a bhuin Sàrai gu cruaidh rithe, theich i o a gnùis.

Agus thubhairt Abimelech, Feuch, tha m’ fhearann fad chomhair: gabh còmhnaidh far an taitneach leat.

Agus thaitinn am briathran ri Hamor, agus ri Sechem mac Hamoir.

A‑nis uime sin, amhairceadh Phàraoh a‑mach airson duine a tha tuigseach agus glic, agus cuireadh e os cionn tìr na h‑Eiphit e.

Agus bha a’ chomhairle math ann an sùilean Phàraoh, agus ann an sùilean a sheirbhiseach uile.

Phòg e, mar an ceudna, a bhràithrean uile, agus ghuil e os an cionn: agus na dhèidh sin rinn a bhràithrean cainnt ris.

Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Abair rid bhràithrean, Dèanaibh seo; sacaichibh ur n‑ainmhidhean, agus imichibh, rachaibh do thìr Chanàain;

Agus thug an sluagh uile fa‑near e, agus bha e taitneach nan sùilean, mar a bha gach nì a rinn an rìgh taitneach ann an sùilean an t‑sluaigh uile:

Agus thaitinn an nì ris an rìgh, agus ris a’ choitheanal uile.

Agus thaitinn am facal ris an rìgh agus ra uachdarain; agus rinn an rìgh a rèir facal Mhemucain:

Agus biodh an òigh a thaitneas ris an rìgh na bànrighinn an àite Bhasti. Agus thaitinn an nì ris an rìgh, agus rinn e mar sin.

Agus thubhairt Seres a bhean ris, agus a chàirdean uile, Dèanar croich lethcheud làmh-choille air àirde, agus anns a’ mhadainn labhair ris an rìgh gun crochar Mordecai oirre; agus gabh a‑steach maille ris an rìgh a dh’ionnsaigh na cuirme gu subhach. Agus thaitinn an nì ri Hàman, agus thug e fa‑near a’ chroich a bhith air a dèanamh.

Agus bha a’ chainnt seo taitneach an làthair na mòr-chuideachd uile: agus thagh iad Stèphen, duine làn de chreideamh, agus den Spiorad Naomh, agus Philip, agus Prochoras, agus Nicanor, agus Timon, agus Parmenas, agus Nicolas, proseliteach de mhuinntir Antioch;

Agus air an dara uair rinneadh Iòseph aithnichte da bhràithrean; agus rinneadh cinneach Iòseiph follaiseach do Phàraoh.

A dh’imich romhaibh anns an t‑slighe, a rannsachadh a‑mach àite dhuibh gus ur bùthan a shuidheachadh ann, ann an teine anns an oidhche, a nochdadh dhuibh ciod an t‑slighe air an imicheadh sibh, agus ann an neul anns an là.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan