Agus thubhairt Làban ris, Guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, fuirich: oir dh’fhòghlaim mi om fhiosrachadh fhèin gun do bheannaich an Tighearna mi air do sgàth-sa.
Agus thug na daoine an aire gu furachair a dh’fheuchainn an tigeadh nì air bith uaithe, agus ghrad-ghlac iad e; agus thubhairt iad, Do bhràthair Ben-hadad. An sin thubhairt esan, Rachaibh, thugaibh leibh e. Agus thàinig Ben-hadad a‑mach da ionnsaigh; agus thug e air dol suas don charbad.
Agus thug e air a mhac dol tron teine, agus rinn e fiosachd, agus ghnàthaich e draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth, agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.