Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 43:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iùdah ri Israel a athair, Cuir an t‑òganach maille riumsa, agus èiridh sinn, agus imichidh sinn, a‑chum is gum bi sinn beò agus nach faigh sinn bàs, araon sinne, agus thu fhèin, agus mar an ceudna ar clann bheag.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Feuch, chuala mi gu bheil sìol anns an Eiphit; rachaibh sìos an sin, agus ceannaichibh dhuinn as a sin, a‑chum is gum bi sinn beò, agus nach faigh sinn bàs.

Agus thubhairt e, Cha tèid mo mhac sìos maille ribh; oir tha a bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan na aonar: ma thachras olc dha anns an t‑slighe air an tèid sibh, an sin bheir sibh sìos m’fhalt liath le bròn don uaigh.

Agus thubhairt sinne rim thighearna, Tha athair againn, seann duine, agus leanabh a sheann aoise, maothran: agus tha a bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan na aonar de chloinn a mhàthar, agus tha gràdh aig a athair air.

Agus thubhairt sinne, Chan fhaod sinn dol sìos: ma bhios ar bràthair as òige maille rinn, an sin thèid sinn sìos; oir chan fhaod sinn aghaidh an duine fhaicinn, mura bi ar bràthair as òige maille rinn.

A‑nis thugadh àithne dhut; dèanaibh-se mar seo: thugaibh leibh à tìr na h‑Eiphit carbadan airson ur cloinne bige, agus ur ban, agus thugaibh ur n‑athair leibh, agus thigibh.

A‑nis uime sin na biodh eagal oirbh: altramaidh mise sibh, agus ur clann bheag. Agus thug e comhfhurtachd dhaibh, agus labhair e gu coibhneil riu.

Agus teaghlach Iòseiph uile, agus a bhràithrean, agus teaghlach a athar: a‑mhàin dh’fhàg iad an clann bheag agus an caoraich agus am buar ann an tìr Ghòsein.

Agus fhreagair aon de a sheirbhisich, agus thubhairt e. Gabhar a‑nis còig de na h‑eich a tha air am fàgail, a dh’fhan anns a’ bhaile (feuch, tha iad mar uile shluagh Israeil don do chuireadh as) agus cuireamaid teachdairean uainn agus faiceamaid.

Ma their sinn, Rachamaid a‑steach don bhaile, tha a’ ghorta anns a’ bhaile, agus bàsaichidh sinn an sin; agus ma dh’fhanas sinn an seo, bàsaichidh sinn mar an ceudna. A‑nis, matà, thigibh, agus teicheamaid gu camp nan Sirianach: ma chaomhnas iad beò sinn, bidh sinn beò; ach ma mharbhas iad sinn, chan fhaigh sinn ach am bàs.

An sin ghairm mi trasgadh anns an àite sin aig abhainn Ahabha, a‑chum gun irioslaicheamaid sinn fhèin am fianais ar Dè, a dh’iarraidh air slighe cheart dhuinn fhèin, agus dar cloinn bhig, agus dar maoin uile.

Chan fhaigh mi bàs, ach mairidh mi beò, agus cuiridh mi an cèill obraichean an Tighearna.

Tabhair onair dod athair, agus dod mhàthair; a‑chum is gum bi do làithean buan air an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut.

Ach ur clann bheag, a thubhairt sibh a bhiodh nan cobhartaich, iadsan bheir mi a‑steach, agus gabhaidh iad eòlas air an fhearann air an do rinn sibhse tàir.

Biodh Reuben beò, agus na faigheadh e bàs; agus biodh a dhaoine lìonmhor an àireamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan