Agus nuair a dh’ith iad suas an sìol a thug iad as an Eiphit, thubhairt an athair riu, Rachaibh a‑rìs, ceannaichibh dhuinn beagan bìdh.
Agus bha a’ ghorta ro‑mhòr anns an tìr.
Agus thubhairt iad, O mo thighearna, thàinig sinn da‑rìribh a‑nuas an toiseach a cheannach bìdh:
Agus labhair Iùdah ris, ag ràdh, Thug an duine dearbh-chinnt dhuinn ag ràdh, Chan fhaic sibh mo ghnùis-sa mura bi ur bràthair maille ribh.
Ma chuireas tu ar bràthair maille rinn, thèid sinn sìos, agus ceannaichidh sinn biadh dhut;
Agus thubhairt ar n‑athair, Rachaibh a‑rìs, ceannaichibh dhuinn beagan bìdh.
Is fheàrr beagan le eagal an Tighearna na ionmhas mòr agus buaireas leis.
Ro sgrios thèid uabhar; agus ro leagadh, spiorad àrdanach.
Measaidh i achadh, agus ceannaichidh i e: le toradh a làmh suidhichidh i fìonlios.
Ach mura dèan duine solar airson a chuideachd fhèin, agus gu h‑àraidh airson muinntir a theaghlaich, dh’àich e an creideamh, agus is miosa e na ana-creidmheach.