Agus chuimhnich Iòseph air na h‑aislingean a chunnaic e man timcheall, agus thubhairt e riu, Is luchd-brathaidh sibh; a dh’fhaicinn lomnochdas na tìre thàinig sibh.
Cuiribh uaibh fear agaibh, agus thugadh e leis ur bràthair, agus gleidhear sibhse ann am prìosan, a‑chum is gun dearbhar ur briathran, a bheil no nach eil fìrinn annaibh: no, mar as beò Phàraoh, gu cinnteach is luchd-brathaidh sibh.
Agus thugaibh ur bràthair as òige am ionnsaigh-sa; an sin bidh fhios agam nach luchd-brathaidh sibh, ach gur daoine fìrinneach sibh: mar sin bheir mise ur bràthair dhuibh, agus nì sibh ceannachd anns an tìr.
Agus thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, an tighearna, An saoil thu gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd-sòlais? Nach ann a rannsachadh a’ bhaile, agus a ghabhail beachd air, agus ga sgrios, a chuir Daibhidh a sheirbhisich ad ionnsaigh?
Cuir daoine uat, a‑chum is gun rannsaich iad tìr Chanàain, a bheir mise do chloinn Israeil; as gach uile threubh den athraichean cuiridh sibh duine, gach aon dhiubh na cheannard nam measg.
Agus rinn iad geur-fhaire air, agus chuir iad a‑mach luchd-foille, a leigeadh orra fhèin a bhith nam fìreanan, a‑chum gun dèanadh iad greim air a fhacail, air chor is gun tugadh iad thairis e do chumhachd agus do ùghdarras an uachdarain.
Agus chuir Iosua mac Nuin a‑mach à Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a‑mach gu h‑uaigneach, ag ràdh, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr, agus Iericho: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do thaigh strìopaich, dom b’ainm Rahab, agus laigh iad an sin.
Agus chaidh na h‑òganaich a bha nan luchd-rannsachaidh a‑steach, agus thug iad a‑mach Rahab, agus a h‑athair, agus a màthair, agus a bràithrean, agus gach nì a bha aice; agus thug iad a‑mach a dìlsean uile, agus chuir iad an taobh a‑muigh de champ Israeil iad.
Agus chunnaic an luchd-bratha duine a’ teachd a‑mach as a’ bhaile, agus thubhairt iad ris, Feuch dhuinn, guidheamaid ort, an rathad a‑steach don bhaile, agus nochdaidh sinn tròcair dhut.