Agus bha Iòseph na uachdaran air an tìr: b’esan a bha a’ reic ri sluagh na tìre uile. Agus thàinig bràithrean Iòseiph, agus chrom iad iad fhèin sìos dha, len aghaidh gu làr.
Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr.
Agus thàinig dà aingeal do Shòdom anns an fheasgar, agus bha Lot na shuidhe ann an geata Shòdoim: agus nuair a chunnaic Lot iad, dh’èirich e suas nan coinneamh; agus chrom e e fhèin air a aghaidh gu làr.
Agus thug e air marcachd anns an dara carbad a bha aige fhèin; agus ghlaodh iad roimhe, Lùbaibh an glùn; agus rinn e e na uachdaran air tìr na h‑Eiphit uile.
Agus thòisich seachd bliadhna na gorta ri teachd, mar a thubhairt Iòseph; agus bha a’ ghorta anns na dùthchannan uile: ach ann an uile thìr na h‑Eiphit bha aran.
Agus dh’innis iad dha, ag ràdh, Tha Iòseph fhathast beò, agus tha e na uachdaran air tìr na h‑Eiphit uile. Agus dh’fhannaich cridhe Iàcoib, oir cha do chreid e iad.
A‑nis uime sin, cha sibhse a chuir mise an seo, ach Dia; agus rinn e mi am athair do Phàraoh, agus am thighearna os cionn a thaighe uile, agus am uachdaran ann an tìr na h‑Eiphit uile.
Agus thig mic do luchd-sàrachaidh gan cromadh fhèin ann ad làthair; agus nì gach neach a rinn tàir ort ùmhlachd gu buinn do chas; agus goiridh iad dhìot, Cathair an Tighearna, Sion Tì naomh Israeil.
Agus shaor e e as a thriobhlaidean uile, agus thug e deagh-ghean agus gliocas dha an làthair Phàraoh rìgh na h‑Eiphit; agus chuir e e na uachdaran air an Eiphit, agus air a theaghlach fhèin uile.
Feuch, bheir mise orrasan de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach a tha a’ dèanamh brèige), feuch, bheir mise orra gun tig iad agus gun dèan iad adhradh aig do chasan, agus gum bi fhios aca gun do ghràdhaich mise thu.
Agus cho luath is a dh’fhalbh an t‑òganach, dh’èirich Daibhidh à àite mu dheas, agus thuit e air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus chrom e e fhèin trì uairean: agus phòg iad a chèile, agus ghuil iad le chèile; ach ghuil Daibhidh na bu mhò.