Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 42:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cha do chuir Iàcob Beniàmin, bràthair Iòseiph, maille ra bhràithrean: oir thubhairt e, Air eagal gun èirich olc dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a’ ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.

Agus thubhairt an Tighearna Dia, Feuch, tha an duine air fàs mar aon dhinn fhèin, fiosrach air math agus olc. Agus a‑nis, air eagal gun sìneadh e a‑mach a làmh, agus gun gabhadh e mar an ceudna de chraoibh na beatha, agus gun itheadh e, agus gum biodh e beò gu sìorraidh:

Mic Racheil: Iòseph agus Beniàmin;

Agus chaidh deichnear bhràithrean Iòseiph sìos a cheannach sìl anns an Eiphit.

Agus thubhairt e, Cha tèid mo mhac sìos maille ribh; oir tha a bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan na aonar: ma thachras olc dha anns an t‑slighe air an tèid sibh, an sin bheir sibh sìos m’fhalt liath le bròn don uaigh.

Agus gun tugadh Dia Uile-chumhachdach tròcair dhuibh an làthair an duine, a‑chum is gun leig e air falbh leibh ur bràthair eile, agus Beniàmin: ach ma chaill mise mo chlann, chaill mi iad.

Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e Beniàmin a bhràthair, mac a mhàthar, agus thubhairt e, An e seo ur bràthair as òige, mun do labhair sibh rium? Agus thubhairt e, Gu robh Dia gràsmhor dhut, a mhic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan