Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 42:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is dà‑bhràthair-dheug sinn, mic ar n‑athar; tha aon mhac nach maireann, agus tha am mac as òige an‑diugh maille ri ar n‑athair ann an tìr Chanàain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thill e a dh’ionnsaigh a bhràithrean, agus thubhairt e, Chan eil an leanabh ann, agus, mise, càit an tèid mi?

Agus thubhairt iad, Is dà‑bhràthair-dheug do sheirbhisich, mic aon duine ann an tìr Chanàain; agus, feuch, tha am fear as òige an‑diugh maille ri ar n‑athair, agus tha aon nach maireann.

Agus thubhairt sinn ris, Is daoine fìrinneach sinne; cha luchd-brathaidh idir sinn:

Agus thubhairt an duine, uachdaran na tìre, rinn, Mar seo aithnichidh mi gur daoine fìrinneach sibh; fàgaibh aon de ur bràithrean maille riumsa, agus gabhaibh biadh airson gorta ur teaghlaichean, agus bithibh ag imeachd.

An sin tha Beniàmin beag na uachdaran orra, ceannardan Iùdah an luchd-comhairle, ceannardan Shebuluin, ceannardan Naphtali.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan