Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 42:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’àithn Iòseph an saic a lìonadh le sìol, agus airgead gach duine a chur air ais na shac, agus biadh a thoirt dhaibh airson na slighe: agus is ann mar seo a rinn e riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thog iad an sìol air an asail, agus dh’imich iad a sin.

Agus thugaibh leibh airgead dùbailte nur làimh, agus an t‑airgead a thugadh air ais am beul ur sac, thugaibh air ais e nur làimh; theagamh gur mearachd a bha ann:

Agus rinn clann Israeil mar sin: agus thug Iòseph dhaibh carbadan a rèir òrdagh Phàraoh; agus thug e dhaibh lòn airson na slighe.

Ho! gach neach air a bheil tart, thigibh-se a‑chum nan uisgeachan; agus esan aig nach eil airgead, thigibh, ceannaichibh agus ithibh; seadh, thigibh, ceannaichibh, gun airgead agus gun luach, fìon agus bainne.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Biodh gràdh agaibh dur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, dèanaibh math do na daoine air am beag sibh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn ribh gu naimhdeil, agus a tha gur geur-leanmhainn:

Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

Na h‑ìocaibh olc airson uilc, no càineadh airson càinidh: ach na aghaidh sin, beannaichibh; air dhuibh fios a bhith agaibh gur ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh, a‑chum gun sealbhaicheadh sibh beannachadh mar oighreachd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan