Agus fhreagair Reuben iad, ag ràdh, Nach do labhair mise ribh, ag ràdh, Na peacaichibh an aghaidh an leinibh? Agus cha d’èisd sibh: uime sin, feuch, mar an ceudna tha a fhuil air a h‑iarraidh oirnn.
Agus thionndaidh e e fhèin uapa, agus ghuil e; agus thill e a‑rìs dan ionnsaigh, agus labhair e riu, agus thug e Simeon uapa, agus cheangail e e fa chomhair an sùl.